Mun tasglann
Faodail : /fɯːdal/. – lorg fortanach, gun fhiosta, nì a chaidh a lorg
Thòisich pròiseact FAODAIL | FOUND ann an 2015 gus cruinneachadh, glèidheadh agus fosgladh don phoball, tasglann ìomhaighean gluasadach air Innse Gall bhon 20mh linn, cruthaichte bho shealladh muinntir nan eilean.
’S e amas pròiseact FAODAIL | FOUND Innse Gall, na stòran tasglainn uile a thoirt ri chèile agus am fosgladh do mhuinntir an àite, a bharrachd air sliochd Innse Gall air feadh an t-saoghail air-loidhne, gus coimhead, cuimhneachadh, deasbad agus ath-mhìneachadh, a’ cur sgeulachdan ùra beairteach ris airson luchd-èisteachd an là an-diugh.



Chaidh fichead cruinneachadh film 8mm, bho Cheann Bharraigh gu Rubha Robhanais, a chur ris an tasglann gu ruige seo. Còrr is 24 uair a thìde de dh’fhilm dhubh is geal, agus film le dathan làidir ghlòrmhor, air a chur gu cruth didseatach aig dùmhlachd 4k, a-mhàin tro na tabhartasan fialaidh agaibh do na h-iomairtean maoineachaidh againn.
Tha sinn a’ togail airgid a-nis gus grunnan chruinneachadh ùr FAODAIL a dhidseatachadh airson an toirt a-steach don tasglann. Cuidichibh sinn gus na tasglainn chudromach seo a dhidseatachadh agus a chatalogadh gus an urrainn dhuinn an roinn leis a h-uile duine aig a bheil ùidh ann am film bho Innse Gall agus clàran sònraichte air cultar a tha ag atharrachadh a ghlèidheadh airson ginealaichean ri teachd.