Mu dheidhinn FAODAIL | FOUND
Chaidh pròiseact Tasglann Film Innse Gall FAODAIL | FOUND a thòiseachadh le UistFilm aig Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath.
’S e fianais gun choimeas a th’ anns an tasglann air beatha ann an Innse Gall, Alba, tron 20mh linn, àm de dh’atharrachaidhean mòra cultarail sna h-eileanan.
Ionnsaich tuilleadh mun tasglann – rannsaich na cruinneachaidhean, seall tro mhapaichean, coimhead agus thoir beachd air na filmichean FAODAIL gu ruige seo.
Tha sinn a’ meudachadh ruigsinneachd gu tasglann tron làrach-lìn dà-chànanach ùr le taic bho Mhaoin Dualchas Sgrion BFI, a’ toirt seachad taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.








