Cearcan is caoraich ann am pàirce beulaibh Taigh-cùirte Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Triùir chloinne bheaga nan suidhe air bàta bun os cionn. Gobhar geal leis a’ mheann aice. Sealladh mu thimhcheall Loch nam Madadh a’ sealltainn a’ Bhùth, Oifis a’ Phuist, an Eaglais agus an t-Eilean Sgitheanach air fàire. Daoine a’ bruidhinn bho uinneig shuas an staidhre le dithis eile nan seasamh ann an doras. Uan na shuidhe ann am bogsa fiodha. Tha an Hebrides a’ tighinn faisg air cidhe Loch nam Madadh.


