Taigh Newton – Luchd-obrach an taigh-òsta agus cù St Bernard. Molly Martin a’ bruidhinn ri Aonghas MacAsgaill a thàinig gu bhith na h-athair-cèile. Cuirm pòsaidh Iain MhicAsgaill agus Molly Mhàrtainn (a tha a’ nochdadh mar nighean òg ann am film teaghlaich Mhàrtainn bho na 1930an), 12 Iuchar 1950, aig Taigh Newton. Maighdeannan-bainnse; Betty Lamont agus Catriona (Nina) NicAsgaill. Iain & Molly a’ tilleadh bho mhìos nam pòg air an Loch Mòr. Taobh a-staigh a’ ghàrraidh bhallaichte aig Newton. Aoigh an taigh-òsta. Tha carbad ‘Shooting Brake’ cuideachd a’ nochdadh ann am film teaghlaich Mhàrtainn bho na 1930an.

Banais Iain MacAsgaill agus Molly Mhàrtainn aig Taigh Newton

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach