Fear agus dithis nighean ri taobh bothan Nissan, caoraich is cearcan a-muigh. Fear a’ toirt a-mach biadh chaorach, caoraich a’ cruinneachadh mun cuairt. Nigheanan a’ biathadh chaorach aig seann taidhr tractar. Nigheanan taobh a-muigh taigh a tha ga thogail aig Cnoc na Lùib, is Eaglais a’ Chlachain ri fhaicinn tarsainn an rathaid, beagan sneachda air an talamh, stuthan togail gan giùlan a-staigh. Nigheanan a’ cluich le cù agus ball taobh a-muigh Cnoc na Lùib.

A' biathadh chaorach, taigh ùr ga thogail

Deichead: 1970an, 1980an
Suidheachadh: Uibhist a Tuath
Cruinneachadh: NicDhòmhnaill

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach