Màrtainn

Chaidh an cruinneachadh seo, còmhla ri cruinneachadh Mhàrtainn, a thoirt seachad le Cathleen Russell a tha à Baile Mhic Phàil, Uibhist a Tuath. Bha pàrantan Cathleen, Iain MacAsgaill agus ‘Molly’ (née Màrtainn), a’ ruith Taigh Newton, a bha aig an àm sin na thaigh-òsta. Tha an cruinneachadh a’ clàradh beatha teaghlaich ann am Baile Mhic Phàil le Cathleen agus a peathraichean is a bràithrean a’ fàs suas, a bharrachd air diofar sheallaidhean timcheall Uibhist. Tha e cuideachd a’ sealltainn tuilleadh chlàraidhean air banais MhicGilip a tha a’ nochdadh ann an cruinneachadh Scott, bhon a chaidh a’ bhanais a chumail aig Taigh Newton.

Faigh a-mach Tuilleadh

NicDhòmhnaill

MacAsgaill

1950an