Taisbeanaidhean làraich-lìn aig Taigh Chearsabhagh
3 An t-Iuchar 2026

Tha sinn a’ taisbeanadh an làrach-lìn ann an Gailearaidh 2 gu Disathairne 18 Iuchar. Tha an làrach-lìn ga thaisbeanadh air scrìn mhòr airson a bhith furasta fhaicinn agus faodaidh sibh obrachadh tron làrach-lìn sa Ghailearaidh, a’ coimhead air criomagan bhon 20 cruinneachadh – 24 uair a thìde de chlàraidhean, 500 criomag – a’ rannsachadh a rèir cruinneachaidh, cuspair, ceann-là no deichead, àite (le mapa na cois) no a rèir prìomh fhacail.
Thoir an teaghlach leat!


