FAODAIL: taisbeanaidhean làrach-lìn

Tha sinn a’ cur air adhart sreath de thachartasan air feadh nan eilean far am faod sibh tadhal a-steach agus faicinn mar a tha an làrach-lìn ag obair agus mar as urrainn dhuibh rùraich tro na cruinneachaidhean. Tha na tachartasan seo an-asgaidh, chan fheum sibh tiogaid, tadhalaibh a-steach ge brith cuin a tha e freagarrach oirbh. Thoiribh leibh an teaghlach!
Diciadain 3 Ògmhios
Hebrides People Cò Leis Thu?, An Taobh Tuath, Na Hearadh, 11m-1f
Talla na Mara, Pàirc Niseaboist, Na Hearadh, 2-4f
Grinneabhat, Bràdhagair, Leòdhas, 6-8f
Diardaoin 4 Ògmhios
An Lanntair, Steòrnabhagh, Leòdhas, 10m-12f
Museum nan Eilean, Seòmar Foghlaim, Steòrnabhagh, Leòdhas, 2-4f
Taigh-tasgaidh Ùig, Leòdhas, 7-9f
Dihaoine 5 Ògmhios
Comann Eachdraidh Nis, Leòdhas, 11m-1f
Ionad Coimhearsnachd Cheann a’ Loch, Leòdhas, 3-5f
Dimàirt 9 Ògmhios
Comunn Eachdraidh Bharraigh agus Bhatarsaigh, Bàgh a’ Chaisteil, Barraigh, 10m-3f
Diciadain 10 Ògmhios
Comann Eachdraidh Bheàrnaraigh, Beàrnaraigh, 12-4f
Diardaoin 11 Ògmhios
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, Sgoil Chàirinis, Uibhist a Tuath, 12-3pm


