Tachartasan cur air bhog làrach-lìn

23 An Giblean 2026

Thigibh còmhla rinn airson dà thachartas sgrìneadh fhilmichean bhon tasglann, le ceòl beò bho dhithis luchd-ciùil cliùteach, Pàdruig Moireasdan air a’ bhogsa, agus am fìdhlèir is seinneadair Gàidhlig, Claire Frances NicNìll, airson comharrachadh cur air bhog làrach-lìn Tasglann Fhilm Innse Gall FAODAIL | FOUND.

Air a chur air adhart leis an Folk Film Gathering agus mar phàirt de Tradfest bidh a’ chiad chuirm cur air bhog làrach-lìn FAODAIL | FOUND ann an Theatair Netherbow aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba, Dùn Èideann, air Disathairne 2 Cèitean aig 8f. Tha tiogaidean rim faighinn air làrach-lìn Ionad Sgeulachdan na h-Alba.

Bidh an dàrna tachartas ann an Talla Chàirinis, Uibhist a Tuath air Disathairne 9 Cèitean aig 7f. Tha an tachartas seo an-asgaidh, ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm. Gheibh sibh tiogaidean tro làrach-lìn Taigh Chearsabhagh. Bhiomaid air leth taingeil airson tabhartasan taic-airgid sam bith aig an doras, gu iomairt maoineachaidh sluaigh airson didseatachadh FAODAIL!

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach