A bheil ruidhlichean film sam bith agaibh air Innse Gall?
23 An Giblean 2026

Tha pròiseact FAODAIL | FOUND a’ leantainn air adhart a’ rannsachadh agus a’ lorg, a’ didseatachadh is a’ glèidheadh chruinneachaidhean film tasglainn nach deach a lorg fhathast.
Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ris an tasglann a’ leudachadh airson Innse Gall air fad a shealltainn agus tha sinn gu h-àraidh ag iarraidh cluinntinn mu dheidhinn mu chruinneachaidhean à Barraigh, Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla, na Hearadh agus Leòdhas.



A bheil seann ruidhlichean film 8mm, Super8, no 16mm agaibh a tha a’ sealltainn na h-eileanan? Nam biodh ùidh agaibh cruinneachadh a thoirt don tasglann, no ma tha sibh eòlach air cuideigin eile aig a bheil cruinneachadh, cuiribh fios thugainn aig info@faodailfilm.scot airson bruidhinn air.


